Scottish Gaelic
1SG. Agus bha an talamh uile de aon teanga, agus na h-aon fhacail aig
gach neach.
2SG. Agus nuair a bha iad air an turas on àird an ear, fhuair
iad còmhnard ann an talamh Shinair; agus ghabh iad còmhnaidh
an sin.
3SG. Agus thubhairt iad gach aon ri chèile, Thigibh, dèanamaid
clachan-creadha, agus làn-loisgeamaid iad. Agus bha a' clach-chreadha
aca airson cloiche, agus bha làthach aca airson aoil.
4SG. Agus thubhairt iad, Thigibh, togamaid dhuinn fhèin baile,
agus tùr, aig am bi a mhullach a' ruigheachd gu nèamh; agus
dèanamaid dhuinn fhèin ainm, air eagal gun sgaoilear o chèile
sinn air aghaidh na talmhainn uile.
5SG. Agus thàinig an Tighearna a-nuas a dh'fhaicinn a' bhaile
agus an tùir, a thog clann nan daoine.
6SG. Agus thubhairt an Tighearna, Feuch, is aon sluagh a tha ann, agus
aon teanga aca uile; agus thòisich iad air seo a dhèanamh:
agus a-nis cha bhacar dhiubh nì air bith a smaoinich iad a dhèanamh.
7SG. Thigibh, rachamaid sìos, agus cuireamaid an cainnt an sin
thar a chèile, a-chum is nach tuig iad cainnt a chèile.
8SG. Mar sin sgaoil an Tighearna iad uaithe sin air aghaidh na talmhainn
uile: agus sguir iad de thogail a' bhaile.
9SG. Uime sin thugadh Bàbel mar ainm air; do bhrìgh ann
an sin gun do chuir an Tighearna thar a chèile cainnt na talmhainn
uile: agus uaithe sin sgaoil an Tighearna iad air aghaidh na talmhainn
uile.
Typed in by Thomas Leigh - mail
- web site
|