Conlangs    Babel Texts    Neographies    Books    more »    Submit

 

Babel Text 
Babel Texts

Babel Text Home
Top 12 Babel Texts

ABCDE
FGHIJ
KLMNO
PQRST
UVWXY
Z

 

Scottish Gaelic - Babel Text Profile   Advanced
SiteScottish Gaelic
LanguageScottish Gaelic
Year1992
TranslatorAm Bìoball Gàidhlig ("The Gaelic Bible), Comann-Bhìoball Dùthchail na h-Alba (The Scottish National Bible Society), Edinburgh, Scotland.
Verse 1Agus bha an talamh uile de aon teanga, agus na h-aon fhacail aig gach neach.
Verse 2Agus nuair a bha iad air an turas on àird an ear, fhuair iad còmhnard ann an talamh Shinair; agus ghabh iad còmhnaidh an sin.
Verse 3Agus thubhairt iad gach aon ri chèile, Thigibh, dèanamaid clachan-creadha, agus làn-loisgeamaid iad. Agus bha a' clach-chreadha aca airson cloiche, agus bha làthach aca airson aoil.
Verse 4Agus thubhairt iad, Thigibh, togamaid dhuinn fhèin baile, agus tùr, aig am bi a mhullach a' ruigheachd gu nèamh; agus dèanamaid dhuinn fhèin ainm, air eagal gun sgaoilear o chèile sinn air aghaidh na talmhainn uile.
Verse 5Agus thàinig an Tighearna a-nuas a dh'fhaicinn a' bhaile agus an tùir, a thog clann nan daoine.
Verse 6Agus thubhairt an Tighearna, Feuch, is aon sluagh a tha ann, agus aon teanga aca uile; agus thòisich iad air seo a dhèanamh: agus a-nis cha bhacar dhiubh nì air bith a smaoinich iad a dhèanamh.
Verse 7Thigibh, rachamaid sìos, agus cuireamaid an cainnt an sin thar a chèile, a-chum is nach tuig iad cainnt a chèile.
Verse 8Mar sin sgaoil an Tighearna iad uaithe sin air aghaidh na talmhainn uile: agus sguir iad de thogail a' bhaile.
Verse 9Uime sin thugadh Bàbel mar ainm air; do bhrìgh ann an sin gun do chuir an Tighearna thar a chèile cainnt na talmhainn uile: agus uaithe sin sgaoil an Tighearna iad air aghaidh na talmhainn uile.
Submitted ByNA
Updated ByThomas Leigh
Date EditedSaturday, July 27, 2002
Description Of UpdateUpdated the contact information and integrated the Babel Text into the new template.
Date To HeadlineSaturday, July 27, 2002

< Sbs  Scottish Gaelic  Sen:esepera >

Conlang Profiles at Langmaker.com CC-BY 4.0: 1996 — 2022 .

FAQ - About Us - Contact Us - Features -